Tunga
Coltas
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Tunga no Ceann Tàile (Beurla: Tongue).
Tha am baile suidhichte anns an t-Siorrachd traidiseanta Cataibh air cladach an ear Chaolas Tunga (Kyle of Tongue). Tha Beinn Hòb agus Beinn Laoghail deis air a’ bhaile. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 28′ 42.2″ Tuath agus 4° 25′ 4.76″ Iar.
Tha an cuid as motha de na taighean air croitean.
Tha tobhtaichean Caisteal Bharraich faisg air a' bhaile. Chaidh an caisteal a thogail anns an 11mh linn.
Thàinig an t-ainm Tunga bhon t-Seann-Lochlannais "Tunga" a tha a ciallachadh teanga na dùthcha. Ach tha ainm Gàidhlig eile air : "Ceann Tàile", 's e ainm goirid bhon ainm: "Ceann Tàile MhicAoidh". [1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 113, Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NC5901856960