Jump to content

Marilyn (beinn)

O Uicipeid
Mapa na Marilyns

'S e beinn ann am Breatainn a th' ann am Marilyn aig a bheil 150 meatair (492 troigh) de dh'àirde-rinneadh air a' char as lugha agus is coma mun àirde gu lèir neo feartan eile.

Ann an 2015 tha 1,556 Marilyns ann am Breatainn[1]: 1,217 ann an Alba, 176 ann an Sasainn, 158 anns a' Chuimrigh agus còig air Eilean Mhanainn. A bharrachd air sin tha 454 Marilyns ann an Èirinn. Chaidh an liosta a chruinneachadh le Alan Dawson agus sin esan a tha a' toirt cùram air an liosta.[2]

Chaidh an t-ainm "Marilyn" a thàthadh mar ainm geur-bhriathrach gus iomsgaradh a dhèanamh eadar Beinn Rothaich no Munro sa Bheurla agus (Marilyn) Monroe.

'S e cur-seachad a th' ann do luchd-coiseachd agus luchd-streap a bhith a' dìreadh uiread de na Marilyns is a ghabhas agus a' cumail clàr air an adhartas. Canar "peak bagging" air a' chuir-seachad sin. San 13 an Dàmhair 2014 b' e Rob Woodall a' chiad duine a shreap a h-uile Marilyn ann am Breatainn air fad.[3] B' e Eddie Dealtry an dàrna fear a rinn sin.[4]

Tha liosta nam Marilyns a' gabail a-steach 221 Corbetts agus 223 Grahams cuideachd air sgàth 's gu bheil an àirde rinneach aca àird gu leòr.

Liosta Beinn Rothaich Corbetts Grahams Marilyns
eile
a h-uile
Marilyn
Gàidhealtachd a Deas 121 100 93 144 458
Gàidhealtachd a Tuath 78 103 84 127 391
Na h-Eileanan Siar 5 11 25 187 228
A' Ghalldachd 0 7 22 114 143
Alba gu lèir 203 221 223 571 1218

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 18 an Cèitean 2015 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  2. Dawson, Alan (1992). The Relative Hills of Britain. Milnthorpe: Cicerone Press. ISBN 1-85284-068-4.
  3. McKenzie, Steven (2014). "Marilyn bagger from Peterborough scratches 22 year itch". Retrieved 2015-9-26. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  4. "Woodall and Dealtry bag Marilyns". 2014. Retrieved 2015-9-26. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]