Jump to content

Druim na Drochaid

O Uicipeid
Druim na Drochaid
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 20′ 14″ Tuath
4° 28′ 48″ Iar
Comharradh-clèithe NH507301
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 813 (2001)

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Druim na Drochaid (Beurla: Drumnadrochit). 'S e ainm stèidhichte a tha ann an Druim na Drochaid [1], nochd e aig Dwelly ann an 1912 mar Druim na drochaid. [2]

Tha am baile suidhichte air bruach iar-thuath Loch Nis aig beul Ghleann Urchadain. Tha Abhainn Enrick a' sruthadh tron bhaile. Tha Druim na Drochaid air an rathad A82 faisg air gobhal-rathaid leis an A831 agus ga cheangal le Baile a' Mhuilinn san iar agus Blàr na Maigh sa deas. Ann an 2001 bha 813 duine a' fuireach an seo. [3]

Chaidh oifis a' phuist a stèidheachadh an seo ann an 1835 aig an robh taigh-òsta cuideachd. [4] Ro 1891 am baile am broinn Siorrachd Inbhir Nis. An-diugh tha Druim na Drochaid tarraingeach don luchd-turais air sgàth na taisbeanaidhean anns a' bhaile mu uilebheist Loch Nis agus air sgàth Caisteal Urchadain a tha faisg air a' bhaile. Bidh na Glenurquhart Highland Games ann gach bliadhna aig deireadh an Lùnasdail. Tha trì taighean-òsta agus dà thaigh-seinnse ann a-nis.

Tha an Comann Camanachd Ghleann Urchadain suidhichte anns a' bhaile fhèin.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Drumnadrochit - Druim na Drochaid”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2020.
  2. Faclair Dwellys
  3. Scrol
  4. Gazetteer for Scotland

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: