Is e buidheann de dh'eileanan a tha ann an Arcaibh[1][2] far costa a tuath na h-Alba.

Arcaibh

Eachdraidh

deasaich
 
Tursachan Bhrodgar

Cha robh na h-eileanan seo fo riaghladh Albannach ro 1471, nuair a thugadh iad (còmhla le Sealtainn) le Rìgh Lochlainn do Rìgh na h-Alba, mar eàrlas airson tochradh a nighinn na b' urrainn ga phàigheadh. Cha do phàigh Rìgh Lochlainn an tochradh fhathast agus tha Arcaibh an-diugh measaichte a bhith Albannach. Cha robh a' Ghàidhlig a-riamh aig na h-Arcaich. B' e Nòrnais an cànan a bha aca, nòs de sheann Lochlannais a mhair gu ruige na 18mh linn. Bha rìoghachd Chruithneach ann mus dàinig na Lochlannaich. 'S e Bàgh na h-Eaglaise am prìomh-bhaile ann, far a bheil àrd-eaglais Naomh Mhànais.

Còmhla ri Sealtainn, canar cuid "na h-Eileanan a Tuath" ri Arcaibh.

Riaghaltas Ionadail

deasaich

Bha inbhe siorramachd aig Arcaibh gu ruige 1974, suidheachadh nach do dh'atharraich gu mòr fon Local Government Scotland Act, a chuir às do na seann Chomhairlean Shiorramachd agus a' stèidhich comhairlean roinneil agus sgìreil nan àite. Is ann mar sin a chaidh Comhairle Arcaibh a chruthachadh an 1974, ùghdarras ionadail aonaichte, mar a tha aig Innse Gall agus Sealtainn bho sin a-mach.

Eaconomaidh

deasaich

Eu-coltach ri Sealtainn, nas fhaide tuath, cha dug gnìomhachas ola a' Chuain Ghearmailtich buaidh mhòr air Arcaibh. Tha na h-eileanan seo ìosail agus tha an talamh math, is e àiteachas aig inbhe tuathanasachd, (inbhe nas beartaich na croitearachd) a tha na bun-stèidh den eaconomaidh. Is ann mar sin nach e siorramachd croitearachd a bha an Arcaibh a-riamh.

Àireamh-shluaigh

deasaich
Bliadhna Àireamh-shluaigh
1801 22,280
1811 18,531
1821 23,207
1831 24,411
1841 25,526
1851 26,409
1921 24,144
1931 22,102
1941 21,688
1951 21,275
1961 19,125
1971 16,976
1981 18,418
1991 19,570
2001 19,245
2011 21,349

Ainmean Arcach sa Ghàidhlig

deasaich

Ged nach robh Gàidhlig dualchasach dha na h-eileanan, cleachdar ainmean sa Ghàidhlig airson àiteachan ann an Arcaibh bho àm gu àm.

Beurla Atlas airson Alba[3] "Alba" le Roy Pedersen Lochlannais/Nòrnais Ciallachadh
Eday Iadaigh Eiðoy Eilean an Tairbeirt
Hoy Hoigh Hòigh Háey Eilean àrd
Kirkwall
("Kirkwaa" ann an Arcaibh)
Baile na h-Eaglaise Bàgh na h-Eaglaise Kirkjuvagr Bàgh na h-Eaglaise
Mainland, Arcaibh Tìr-mòr Meginland/Hrossey
North Ronaldsay Raghnallsaigh a Tuath Rinneansaigh Rínansey Eilean Rinnean (Naomh Ninian)
Rousay Robhsaigh Romhsaigh Hrólfsey Eilean Roilf
St Margaret's Hope
("The Hope" ann an Arcaibh)
Òb Maireid (sic) Bàgh/Òban Naomh Maighread
Sanday Sanndaigh Sandey Eilean na gainmhich
Scapa Floe Caolas Scapa Skalpaflói
Shapinsay Siapansaigh Hjálpandisey Eilean a' bhreitheimh, neo eilean cuideachail
South Ronaldsay Raghnallsaigh a Deas Raghnallsaigh Rognvaldsey Eilean Raghnaill (Rognvald)
Stromness
(Strumnis ann an Arcaibh)
Sromnis Hamnabhagh Straumsnes "Rubha an sruthan" (Stromness) neo "Bàgh na h-acarsaid" (Hamnavoe)
Stronsay
("Stronsa" san Arcaibh)
Sronsaigh Strjónsey Eilean an t-sruthain
Ward Hill (air Hoy) Cnoc Uard
Westray Ueastraigh Bheastraigh Vestrey Eilean an Iar

Daoine ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Dieckhoff, H. (1932) A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic; reprinted in 1988 by Gairm ISBN 1-871901-18-9
  2. Mark, C. ( 2004) The Gaelic-English Dictionary Routledge ISBN 0-415-29761-3
  3. MacLeòid, Iain (1995): Atlas airson Alba. Acair Ltd. Steòrnabhagh ISBN 0861521501

Aistean co-cheangailte

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich